Bi co-obrachail

A bhith nad shreang ann an co-leanailteachd le teudan eile gus pìos ealain maitrix fhighe.
Tha co-obrachadh aig cridhe coimhearsnachdan bathar-bog le còd fosgailte. Tha an co-obrachadh seo a’ toirt a-steach daoine fa leth ag obair còmhla ri daoine eile ann an sgiobaidhean, sgiobaidhean ag obair còmhla, agus daoine fa leth agus sgiobaidhean ag obair le pròiseactan eile a-muigh. Tha an co-obrachadh seo a’ lùghdachadh call obrach, agus a’ leasachadh càileachd ar n-obrach. Taobh a-staigh agus a-muigh, bu chòir dhuinn an-còmhnaidh a bhith fosgailte do cho-obrachadh. Far an gabh sin dèanamh, bu chòir dhuinn obrachadh gu dlùth le pròiseactan shuas an abhainn agus feadhainn eile sa choimhearsnachd bathar-bog an-asgaidh gus ar n-obair theicnigeach, tagraidh, sgrìobhainnean agus eile a cho-òrdanachadh. Bu chòir ar n-obair a dhèanamh gu follaiseach agus bu chòir dhuinn na h-uimhir de dhaoine le ùidh sa chùis a thoirt a-steach cho tràth sa ghabhas. Ma cho-dhùnas sinn dòigh-obrach eadar-dhealaichte a ghabhail seach feadhainn eile, leigidh sinn fios dhaibh tràth, a’ clàradh ar n-obair agus ag innse do dhaoine eile gu cunbhalach mun adhartas againn.
Bho Chòd Giùlain Drupal
Dhòmhsa tha e a’ faireachdainn mar
